|
Ro-ràdh
Chaidh
Sgoil nan Loch fhosgladh san Lùnastal 2001. Tha
an sgoil ann an Eilean Leòdhais, a tha nas fhaide
a-muigh na an t-Eilean Sgitheanach, air taobh siar Alba.
Tha an sgoil airson muinntir nan Loch. Chaidh trì
bun-sgoiltean agus aon sgoil 5-14 a dhùnadh,
agus bha iad sin gu lèir air a bhith suidhichte
sna coimhearsnachdan beaga aca fhèin. Bha pian
agus spàirn an lùib a bhith a' gluasad,
eadhon ged a bhathas a' dol a-steach do sgoil talc ùr.
Tha an togalach sgoile ùr a' togail air eachdraidh
agus air neart a bha sna sgoiltean a dhùin, seach
gur ann astasan a thàinig mòran dhe na
sgoilearan agus an luchd-teagaisg. Gu eachdraidheil,
's e coimhearsnachd dhlùth-dhàimheil a
th' air a bhith ann an Leòdhas, agus tha aithne
no eòlas air choreigin aig a' chuid mhòr
dhen t-sluagh air a chèile. Tha eòlas
fìor mhath aig a' chuid mhòr dhen chloinn
air a chèile. Tha a' chuid mhòr dhe na
teaghlaichean an dàrna cuid faisg no fad' às
an càirdeas dha chèile, agus tha am beatha
air a bhith fillte ri chèile agus air beantainn
ri chèile am broinn nan càirdeasan sin
thar nan ginealaichean. Tha seo ga dhèanamh gu
math nas fhurasta a bhith a' togail coimhearsnachd thaiceil
san sgoil, ach a dh'aindeoin sin tha obair na lùib.
Tha
94 sgoilearan againn bho P1 gu S2. Tha àireamh
an luchd-teagaisg mar a leanas: Stiùiriche Sgoile,
Iar-Stiùiriche Sgoile, 3 luchd-teagaisg Bun-sgoile
làn-thìde agus 1 neach-teagaisg Àrd-sgoile
làn-thìde, 14 luchd-teagaisg pàirt-ùine
agus siùbhlach, 1 neach-cuideachaidh clasrum
agus 5 luchd-taice làn-thìde, agus 3 dhen
àireamh sin ag obair còmhla ri na sgoilearan
aig a bheil duilgheadasan ionnsachaidh doirbh agus iom
fhillte. Tha luchd-obrach taice againn, a tha èiseil
airson maith nan uile, agus 's iadsan rùnaire,
dorsair, 3 luchd-obrach san ionad-bidhe agus 4 luchd-glanaidh.
A bharrachd air sin, tha 3 luchd-obrach agus 21 a bharrachd
chloinne ann an 'leudachadh' sa choimhearsnachd sgoile
againn agus thèid an ainmeachadh-san nas fhaide
air adhart.
A'
socrachadh atharraichidhean agus a' meudachadh toirt
a-steach
Tha
e follaiseach gu bheil mòran neart ann an coimhearsnachd
bheag dhlùth-dhàimheil, ach an dèidh
sin tha atharrachadh fhathast a' toirt an fhois na lùib.
'S e pàirt èiseil dhe bhith a' cruthachadh
gnè mhath gun toir e comas dhan a h-uile neach
buaidh a thoirt air atharraichidhean agus dùbhlain.
Tha sinne air feuchainn ris an seo a dhèanamh
ann an iomadh dòigh, 's chan ann air a' char
as lugha le bhith a' dèanamh atharraichidhean
nas fhurasta an giùlan agus a bhith a' meudachadh
toirt a-steach.
Ag
ullachadh, a' gluasad, a' com-pàirteachadh
San teirm mu dheireadh de sheisean sgoile 2000-2001
b' fheudar dhuinn grunnan cho-dhùnaidhean a dhèanamh
airson gum biodh eileamaidean nan àite airson
toiseach an t-seisein ùir san togalach ùr
againn. Bha co dheasbadan a' gabhail àite air
a' fòn 's aig coinneamhan aig àm na sgoile
agus às dèidh na sgoile. Thug Bòrd
na Sgoile eadar-àmail, a chaidh a chur air chois
airson sùil a chumail air na h-atharraichidhean
an co-bhonn ris an luchd-obrach, ionnsaigh air ainm
ùr a lorg dhan sgoil ùir. Thàinig
iad cuideachd gu co-dhùnadh air dathan sgoile,
suaicheantas a dhealbh, agus am biodh no nach biodh
an sgoil a' cur air adhart gum bu chòir làn-èideadh
sgoile bhith aca. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh
am measg nam pàrant air a' phuing dheireannaich
seo. Bha iad cha mhòr uile dhen làn-bheachd
gum bu chòir do làn-èideadh sgoile
bhith ann. Chaidh iarraidh air na sgoilearan a dhol
a-steach airson nam farpaisean a bh' ann a dh'aon ghnothaich
airson dathan, ainm sgoile agus suaicheantas fhaighinn,
agus thabhaich fear-gnìomhachais sa choimhearsnachd
duaisean a thoirt. Mun àm seo bha sinn a' faireachdainn
gun robh a h-uile neach a bha a' dol a ghluasad dhan
sgoil ùir gu h-èasgaidh an lùib
a bhith a' seatadh an-àirde agus a' sireadh comhairle
air na bha ri dhèanamh.
B'
e a' chiad dùbhlan a bhith a' gluasad bho na
sgoiltean a chaidh a dhùnadh gu sgoil ùir
le cho beag ùpraid 's a ghabhadh. Bha aig an
luchd-teagaisg ri clasruman ùra agus gnàth-chùrsaichean
ùra a stèidheachadh le cho beag 's a ghabhadh
de bhristeadh air foghlam na cloinne. Chuir iad seachad
mòran uairean a thìde de shaor-làithean
an t samhraidh aig an sgoil ùir, ag obrachadh
a-mach ciamar a thigeadh rudan gu chèile.
Dh'aithnich
sinn mar bu mhotha bha sinn a' dol air adhart gur e
fìor thogail-inntinn a bha san togalach fhèin
- a' dèanamh ar n-obair na b' fhasa (faic Dealbh
B). Mar a b' fhaisge bha an teirm ùr a' tighinn,
b' ann bu mhotha a bha ar cinn nam breislich eadar boil
agus feagal. Thàinig a' mhòr-chuid dhen
luchd-obrach bho na sgoiltean a dhùin, ach bha
luchd obrach ùr-nodha a' dol a thighinn cuideachd
agus dh'fheumaist fàilte a chur orrasan. 'S math
a b' fhiach an samhradh sin seach gun robh an luchd-obrach
ag obair còmhladh le aon amas. Seach gun robh
sinn gu lèir a' gabhail pàirt san aon
dùbhlan thog sin 'ceangal' eatarainn, chan ann
a-mhàin aig an àm èiseil sin ach
na b' fhaide air adhart cuideachd.
A'
socrachadh atharraichidhean nan sgoilearan
Tha an sgoil suidhichte air an rathad mhòr eadar
Na Hearadh agus Steòrnabhagh. Air sgàth
sin, tha sgoilearan à sgoiltean eile air roghnachadh
a thighinn do Sgoil nan Loch tro iarrtasan àite,
agus tha iad air saidhbhreas a thoirt do gach ìre
dhen sgoil againn. Tha sgoilearan às na bun-sgoiltean
ceangail air am fiathachadh dhan sgoil againn gus am
faigh iad blasad dhen Àrd-sgoil nuair a tha iad
air P7. Bidh iadsan, agus clann nas òige san
sgoil aca cuideachd, a' tighinn gu Sgoil nan Loch ma
bhios sinn a' cur air adhart bùthan-obrach air
dràma no ceòl le ionadan bho muigh.
Tha
e air leth cudromach gum bi neach-teagaisg air a chur
air leth airson cùram a shealltainn, agus fiosrachadh
a thoirt, do sgoilearan ùra S1 agus S2. Airson
seo a dhèanamh tha sinn air seiseanan-oideachaidh
a stèidheachadh do sgoilearan san àrd-sgoil.
Tha an rèiteachadh seo a' toirt cothrom do sgoilearan
fa-leth bruidhinn ri oide mu an adhartas, agus mu rud
sam bith eile a tha cudromach dhaibh. Le bhith dèanamh
seo, thug e oirnn a bhith a' faicinn gun robh feum aig
sgoilearan a tha a' tighinn às ùr dhan
sgoil fhad 's a tha iad fhathast sa bhun-sgoil, air
coinneachadh ro-làimh ri ar luchd-teagaisg bun-sgoile.
Bha e furasta smaoineachadh gun gabhadh seo àite
co-dhiù, ach gu dearbh cha b' ann mar sin a bha
- bha e a' cur feum air oidhirpean com-pàirteachais
gach neach.
Bidh
ar clasaichean bun-sgoile a' gabhail pàirt ann
an 'Ùine Cearcaill' agus tha luchd-obrach na
sgoile air seo fhaighinn prìseil. Bidh ar sgoilearan
àrd-sgoile a' gabhail pàirt ann an seiseanan
'co-aghaidh' a tha, mar Ùine Cearcaill, a' toirt
cothrom dhaibh bruidhinn air càil sam bith a
tha cudromach dhaibh. Bidh an sgoil againn a' cleachdadh
postairean nan Riaghailtean Òir agus a' misneachadh
chloinne gu bhith a' beachdachadh air na tagraidhean
a th' annta. Tha na postairean an-àirde timcheall
na sgoile mar chuimhneachain air mar a lùigeadh
sinn sgoilearan a bhith gan giùlan fhèin
agus a bhith a' dèiligeadh ri càch a chèile,
's a' gabhail a-steach nan sgoilearan sin a tha ùr
dhan choimhearsnachd. Thathas a' cur a h-uile sgoilear
ann an 'taigh' nuair a thig iad dhan sgoil airson gun
cuidich sin iad gus eòlas fhaighinn air buidhnean
nas lugha de sgoilearan agus gum bi e nas fhasa dhaibh
pàirt a ghabhail.
'S
e ainmean bheanntan sa choimhearsnachd a thagh na sgoilearan
fhèin airson ainmean thaighean - Mòbhal,
Scalabhal, agus Beinn Mhòr. Tha e mar dhleastanas
air caipteanan-taighe agus iar-chaipteanan taighe còmhla
ri buill dhen Chomhairle Sgoile, a bhith ag obrachadh
còmhladh airson math na coimhearsnachd 's na
sgoile.
Nuair
a tha sgoilearan S2 an ìmpis ar fàgail
airson gluasad gu S3 ann an Steòrnabhagh tha
luchd-obrach na sgoile air fasan a thòiseachadh
a bhith a' fiathachadh na h-òigridh gu dìnneir
airson gun tèid an ceum tha iad a' gabhail bho
Sgoil nan Loch (faic Dealbh C) a chomharrachadh. Bidh
an luchd-teagaisg a' riaghladh biadh trì-chùrsaichean
dhan chloinn le uidheam airgid agus às dèidh
teatha/cofaidh bidh cèilidh againn. 'S e feasgar
fìor mhath a th' ann agus tha iadsan a tha a'
toirt ceum gach bliadhna a' feitheamh ris le dùrachd.
Ged
a tha na h-atharraichidhean mòra agus beaga am
broinn na sgoile cudromach, feumaidh ar sgoilearan cuideachd
a bhith ullaichte airson atharraichidhean nas motha
nas fhaide air adhart nam beatha, mar a bhith a' fàgail
na dachaigh, agus do chuid, a bhith fàgail Leòdhais.
Fhad 's a tha iad ann an Sgoil nan Loch bidh sinne aig
dà àm a' toirt blasad do na sgoilearan
air cò ris a tha e coltach a bhith a' fuireach
air falbh bhon taigh.
Bidh
ar bun-chlas as sine a' dol air seachdain a dh'Ionad
Scaladail sna Hearadh, far am faod iad coiseachd, sreap,
aibseileadh, agus currachan a chleachdadh, am measg
rudan eile. Bidh sinn a' toirt na feadhainn as sine
san Àrd-sgoil a Dhùn Èideann fad
seachdain far am faod iad mòran a dhèanamh,
m.e., tadhal air Stadium Rugbaidh Mhurrayfield, Caisteal
Dhùn Èideann (faic Dealbh D), taighean-tasgaidh
eadar-dhealaichte, agus an taigh-dhealbh, a dhol a bhobhladh
no am bus no an trèana a ghabhal a Ghlaschu.
Tha sinn a' faireachdainn gu bheil a bhith air falbh
mar sin a toirt cothrom dhar sgoilearan agus dhar luchd-teagaisg
eòlas fhaighinn air a chèile aig ìre
nas doimhne.
A'
meudachadh com-pàirteachadh ann an coimhearsnachd
na sgoile
Rè na bliadhna mus do ghluais sinn gu Sgoil nan
Loch bha a' choimhearsanchd a' seatadh an-àirde
cròileagan san ionad coimhearsnachd aca fhèin.
Ach, bha àite a dh'aon ghnothaich san togalach
againne bho thoiseach, nam b' e 's gum biodh cròileagan
ann. Nuair a dh'fhosgail an sgoil bha sinn toilichte
fàilte a chur air a' chròileagan 'Lochies
Bheaga' san robh 15 pàiste agus 2 neach-obrach.
Tha a' bhuidheann seo an-diugh na pàirt coileanta
dhen sgoil againn agus tha co-obrachadh eadar ceannardan
a' chròileagain agus neach teagaisg nan ìrean
tràtha air fàs gu daingeann gu buannachd
nan uile.
Bha
dà àite eile san sgoil againn fhathast
gun an roinn agus gun a bhith air an leasachadh airson
adhbharan sònraichte. Cha robh sinn fosgailte
ach beagan mhìosan nuair a dh'iarr an t-seirbheis
fo-sgoil ann an roinn an fhoghlaim oirnn àite
a thoirt do bhuidheann beag a bha ag obair le sianar
chloinne air an robh èisean mothachaidh. Dh'aontaich
sinn uile gum biodh seo na bhuannachd dhan chloinn sa
bhuidhinn agus do chloinn na sgoile cuideachd. Dà
bhliadhna air adhart tha iad nam pàirt cudromach
agus air leth sònraichte dhen sgoil againn, agus
cuid dhen chloinn sin a' fuireach san sgoil againn nuair
a ruigeas iad aois sgoile, agus cuid eile a' falbh dhan
sgoil sa choimhearsnachd aca fhèin. Am bliadhna
tha cothrom air a bhith againn clas a thòiseachadh
sa bheil triùir chloinne aig aois sgoile aig
a bheil feumalachdan-ionnsachaidh a tha toinnte agus
doirbh. Seach gu bheil na buidhnean sin ann, tha iad
air leudachadh a thoirt air coimhearsnachd na sgoile
againn, agus air an cothrom a thoirt dhan luchd-teagaisg
agus dha sgoilearan gu lèir a bhith a' coimhead
an t-saoghail ann an dòigh nas fharsainge, agus
a bhith ag aithneachadh gu bheil luach ann an coimhearsnachd
ioma-dhathach. Tha com-pàirteachadh air a' thighinn
air adhart gu cinnteach, le tuigse ga thoirt do gach
sgoilear.
Na
dìochuimhnichibh an luchd-teagaisg!
Tha broinn gach stafrum na thoradh orrasan a bhios ga
chleachdadh agus 's e stafrum toilichte a th' againne.
Bidh sinn a' feuchainn ri chumail sgiobalta agus saor
o obair-pàipeir! (Nam biodh a h-uile inbheach
aig a bheil pàirt air choreigin ann a bhith a'
toirt taic dhar sgoilearan an seo aig an aon àm
bhiodh 54 againn ann).
"Cala
sìtheil ach daonnan togail-inntinn, àite
airson fois agus gàire."
(Neach-teagaisg)
Tha
saorsainn aig luchd-teagaisg a bhith bruidhinn air cuspairean,
a bhith a' toirt am beachd seachad, a bhith ag aontachadh
agus gun a bhith ag aontachadh gu proifeiseanta; tha
seo gu lèir gu buannachd ar sgoilearan. Mar na
sgoilearan, tha eòlas math aig an luchd-teagaisg
air a chèile, bidh iad a' bruidhinn ri chèile
mu leanabain, mu dheugairean, mu chàirdean aosta
agus tha dragh mòr orra mu chèile
agus airson na coimhearsnachd sa bheil iad a' còmhnaidh
agus ag obair. Tha a h uile neach-obrach, ge b' e dè
an seòrsa obrach a th' aca, a' cur ann an dòigh
eadar-dhealaichte ri obair fharsaing na sgoile. Tha
ar n-obair le pàrantan stèidhichte air
tuigse mhothachail mun phàirt a th' aig gach
buidheann ann a bhith a' toirt an cuid chloinne air
adhart.
|
|
 |
 |
Dealbh
B: 'S deagh thoigh leinn uile an sgoil
againn.
(Deilbhte le sgoilear Ìrean Tràtha). |
|
 |
 |
| Dealbh
C: Dìnnear ceumnachaidh S2 na bliadhna
'n-uiridh a' cleachdadh uidheam-airgid
's air a riaghladh le luchd obrach na
sgoile. |
|
 |
 |
Dealbh
D:
Tha S2 a' tadhal air baile Dhùn
Èideann. |
|
|
|