|
A
bhith nar pàirt iomlan dhen choimhearsnachd
Tha
sinn fortanach a bhith nar pàirt de choimhearsnachd
dhiongmhalt agus tha sinn a' miannachadh pàirt
làn is pàirt taiceil a ghabhail innte,
a' tabhairt cho math ri bhith a' faighinn.
A'
cur luach air oighreachd a' chànain
Tha a' Ghàidhlig na pàirt co-cheangailte
agus cudromach am beatha Sgoil nan Loch. Tha a' Ghàidhlig
aig a' chuid mhòr dhen luchd-obrach, tha feadhainn
aig nach eil ach beagan agus tha cuid eile a' feuchainn
ri h-ionnsachadh. Tha stiùiriche na sgoile am
measg na feadhnach sin! Tha a' Ghàidhlig air
a teagaisg bho ìre P1 gu ìre S2. Tha grunnan
dhen chloinn bho dhachaighean far a bheil a' Ghàidhlig
ga bruidhinn agus tha fiosrachadh aig a' mhòr-chuid
dhen chloinn a bheir dhaibh comas labhairt de sheòrsa
air choreigin innte. Bidh sgoilearan S1 agus S2 a' faighinn
leasanan innte tron t-seachdain. Tha luchd-teagaisg
Gàidhlig eadar-dhealaichte aig luchd-ionnsachaidh
is fileantaich agus bidh iadsan aig a bheil a' Ghàidhlig
san dachaigh a' measgachadh ri na fileantaich airson
clasaichean conaltraidh agus còmhraidh. Chan
eil, aig a' cheart àm, clas tro mheadhan na Gàidhlig
san sgoil, ged a dh'fhaodadh seo a thighinn uaireigin,
agus cha bhi sinn a' teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig.
Bidh an sgoil a' cur a-steach farpaisich chun a' Mhòid
Ionadail agus tha an còisir againn air a bhith
soirbheachail aig a' Mhòd Nàiseanta (faic
Dealbh E).
Bòrd
na sgoile, Comann phàrant-thidsear agus Comhairle
Choimhearsnachd
Airson na bliadhna mus do dh'fhosgail an sgoil ùr
bha Bòrd-Sgoile Eadar-ama ann. Chaidh a stèidheachadh
bho bhuill de dhà dhe na Bùird-Sgoile
eile. Dh'obraich am Bòrd glè chruaidh,
agus thàinig na buill gu co-dhùnaidhean
cudromach a bha èiseil do thoiseach an t-seisein
2001-02. Bha e glè fheumail dhan sgoil ùir
gun robh am Bòrd cho èasgaidh. Chaidh
Bòrd-Sgoile Sgoil nan Loch a stèidheachadh
ann an 2001 agus tha na buill air dian-obrachadh airson
coimhearsnachd na sgoile. Tha na ceangail a th' aca
ri pàrantan na cloinne, cho math ri na ceangail
a th' aca ris a' choimhearsnachd, air ciallachadh gum
b' urrainn dhuinne a bhith ann an dlùth dhàimh
ri ar coimhearsnachd. B' e Bòrd na Sgoile cuideachd
a chluich am prìomh phàirt ann a bhith
a' cur Latha Gala air chois sa Chèitean a chaidh.
Chuir an Latha ri maoin na sgoile.
Chaidh
oidhirp thràth a dhèanamh PTA a thòiseachadh,
ach bha e cus dhuinn. Nuair a chaidh oidhirpeachadh
an dèidh làimhe dh'obraich e, agus tha
PTA soirbheachail againn a-nis, agus 's iad na buill
a chuir air chois fear dhe na tachartasan as ùire
tha a' gabhail àite san sgoil - 's e sin Suipear
Burns san sgoil far an tàinig còrr is
230 neach (faic Dealbh F). 'S e màthair-adhbhair
na cùise fios a thoirt do sgoilearan, pàrantan
agus caraidean na sgoile a bhith làthair aig
tachartas sòisealta coimhearsnachd. Tha sinn
air cluinntinn gun do chòrd am feasgar ri na
bh' ann!
Tha
sinn miannach dha-rìribh air ceangal ris a' chomhairle
choimhearsnachd a dhaingneachadh. Aig a' cheart àm
tha sinn a' co obrachadh leotha air proiseact a bheir,
tha sinn an dòchas, a' choimhearsnachd a bhroinn
na sgoile againn (faic a-rithist san earrainn air Àrainneachd).
Feasgar
iom-ionaid agus ceangal ri gnothaichean ionadail
Sa Ghearran 2003 chuir an sgoil feasgar iom-ionadail
air adhart. Thug seo cothrom do dh'ionadan eadar-dhealaichte
(Parentwise, Proiseact nan Sgoiltean Ùra Coimhearsnachd,
Raon-dèilig Meidigeach, Poilis a' Chinn a Tuath,
Bòrd na Sgoile/PTA, Roinn an Fhoghlaim, Foghlam
Coimhearsnachd agus buidheann ionadail a tha a' toirt
comhairle do mhaoineachadh Foghlam Àrd-ìre/Àrdachadh)
ceangail a thogail ri sgoilearan, pàrantan agus
coimhearsnachd agus cuideachadh agus comhairle a thabhann.
Bha sinn ag iarraidh gun deigheadh an sgoil a chleachdadh
mar mheadhan-saoghail airson fiosrachadh, àite
far am faighist agus san toirist seachad fiosrachadh.
Chaidh gabhail ris an fheasgar glè mhath agus
tha dùil againn a leithid a chumail dà
uair sa bhliadhna.
Tha
sinn air a bhith glè fhortanach gu bheil gnìomhachasan
ionadail air ùidh a shealltainn agus air taic
a thabhairt. Tha grunnan chompanaidhean ionadail air
a dhol an urras diofar rudan a tha gu math na sgoile,
m.e. ar leabhraichean-latha sgoile agus Bogsa Ghoireasan
Urras Rìoghail na Gaidhealtachd.
A'
cleachdadh agus a' gabhail cùram airson na h-àrainneachd
agus ar soirbheas fhèin
Tha
sinn glè mhothachail air ar n-àrainneachd
seach gu bheil sinn a' fuireach ann an àite a
tha rudeigin iomallach agus bòidheach - tha buaidh
mhòr aig a seo air beatha na sgoile.
Adhartasan
àrainneachd agus eag-eòlas
Nuair a dh'fhosgladh an sgoil againn bha an talamh mun
cuairt lom, ach làn cothruim. A-nis, faisg air
an sgoil, tha stòras lusan-cura againn agus raon
ball-coise (faic Dealbh G).
"Tha
an raon ball-coise math. Is toigh leam a bhith a'
cur tadhal".
(Sgoilear P3)
Bha
cuideachd pìos mòr talmhainn againn na
b' fhaide air falbh on sgoil, glè dheiseil airson
piseach a thoirt air. 'S e fear dhe na ciad smaointean
a bh' againn craobhan a chur. Chuir sinn craobh do gach
ball fa-leth dher coimhearsnachd sgoile agus an ainm
ris (faic Dealbh H). Smaoinich sinn cuideachd gum biodh
e snog na craobhan a chur air prògram CAD gus
am b' urrainn do chloinn sna ginealaich tha romhainn
aithneachadh càit an do chur am pàrantan
no an sean-phàrantan craobh! Bhon uair sin tha
seo air fàs na phàirt mòr dhe ar
prògram leasachaidh raon-cluiche, anns a bheil
àite aig Rainsear Urras Steòrnabhaigh,
agus bidh sinn an dòchas, Coimisean na Coilltearachd.
Chaidh
comhairle iarraidh air an Rainsear cuideachd airson
bogsa eun a sheatadh an-àirde. Chuir sinn tagradh
gu SNH agus fhuair sinn tabhartas. A-nis, tha bogsa-neadachaidh
againn, sa bheil camara bhidio beag, suidhichte an làrach
na sgoile. Tha seo a' cur dhealbhan a-steach gu telebhisean
a-staigh an an àite sòisealta na sgoile
agus bidh sin an dòchas gu faod na sgoilearan
a bhith a' coimhead nan eun a' neadachadh am bliadhna
(faic Dealbh I).
Bheir
na ceangail a tha againn ri Proiseact nan Sgoiltean
Coimhearsnachd agus ris a' Chomhairle Choimhearsnachd
dhuinn cothrom ar miannan airson na h-àrainneachd
agus na coimhearsnachd a thoirt ceum air adhart le bhith
a' cur romhainn gun ceannaich sinn poilidh-tunail airson
planntaichean fhàs. Obraichidh ar Club Gàrraidheachd
fhèin, 'Greenfingers' còmhla ri deònaichean
às a' choimhearsnachd airson gun toir iad air
adhart an eòlas agus an tuigse air planntaichean,
craobhan agus glasraich.
Tha
loch beag glè fhaisg dhuinn: aig a' cheart àm
faodaidh ar sgoilearan àrd-sgoil a bhith a' cleachdadh
currach air an loch nuair a tha P.E. aca. Tha sinn an
dòchas gnothaich a dhèanamh ris a' chomhairle
choimhearsnachd ach an gabh adhartas a dhèanamh
còmhla riutha gus am bi àite againn a
dh'aon ghnothaich a-muigh, airson ar n-aodach atharrachaidh,
agus àite far am bi sinn a' cur na currach air
bhog. Bu toigh leis a' PhTA cuideachd àite a
leasachadh faisg air abhainn bhig ri taobh na sgoile,
gu bhith na chlasrum a-muigh.
A'
coimhead às ar dèidh fhèin
Tha an aimsir ann an Eilean Leòdhais gu math
bagarrach aig amannan, agus gu math tric tha a' ghaoth
glè àrd no tha e fliuch. Tha dà
àite shòisealta againn a chleachdas na
sgoilearan nuair a tha droch thìde ann.
"Sa
mhadainn nuair a tha e reòthte, faodaidh tu
dhol dhan àite shòisealta agus tha e
blàth".
(Sgoilear P1)
Seach
gu bheil nas lugha de chloinn san àrd-sgoil na
tha sa bhun-sgoil, tha an t-àite acasan nas lugha.
Tha grunnan gheamannan a ghabhas a chluiche a-staigh
aig cloinn sa bhun-sgoil, agus bidh iad gan cleachdadh
gu riaghailteach nuair nach fhaigh iad air a bhith a'
cluich a muigh. Chaidh na geamannan a cheannach às
dèidh comhairle a ghabhail on chloinn fhèin.
"Tha
an talla spòrs math, gu h-àraidh am
frèam-dìridh agus ma bhios an t-uisge
ann 's urrainn dhuinn geamannan a chluich".
(Sgoilear P1)
Tha
bòrd-teanas aig sgoilearan na h-àrd-sgoile
agus 's ann riuthasan a tha e an urra a bhith a' cumail
ròta airson a chleachdadh, agus cuideachd airson
a bhith a' cur rian air farpaisean eadar-thaigheil.
Tha
e air leth cudromach do Sgoil nan Loch a bhith a' cur
air adhart dòighean-beatha fhallain. Tha an companas
a th' againn le Proiseact nan Sgoiltean Coimhearsnachd
Ùra a' leigeil dhuinn measan a bhith againn dhar
sgoilearan aig cuid dhe na h-amannan pleidhe, agus cuideachd
botail bhùirn a ghabhas an lìonadh bho
fhionnarachan-bùirn. Tha sinn an ìmpis
sgeama a thòiseachadh do sgoilearan aig àm
biadh meadhan-latha far am faigh iad duais ma thaghas
iad biadh fallain. Bheir an duais dhaibh cothrom tagradh
a dhèanamh airson 'bathar'.
"Tha
biadh sònraichte math sa chafé againn".
(Sgoilear P2)
Lèirmheas
agus Co-dhùnaidhean
Aig
tè dhen a' ciad choinneamhan a bh' againn bha
sinn air beachdachadh air dè bu chòir
a bhith anns a' chiad Phlana-Leasachaidh Sgoile a bhiodh
againn. Cha robh sinn air smaoineachadh an toiseach
gum biodh e deatamach spiorad na sgoile a chomharrachadh
air leth, a' dèanamh dheth gun tàrmaicheadh
e co-dhiù ann a leithid seo de choimhearsnachd.
Dh'fhairich aon dhen luchd-obrach ged-tà gum
biodh e èiseil spiorad na sgoile a chomharrachadh
mar àrd amas. Nuair a bhruidhinn sinn air an
seo mar bhuidheann dh'aontaich sinn gu lèir gum
bu chòir dhuinn a chomharrachadh mar àrd-amas.
Bha an targaid airson spiorad na sgoile a thogail mar
a leanas:
 |
àrainneachd
fhàilteachail, chàilear a chruthachadh
anns am fairich sgoilearan agus luchd-obrach gu
bheil luach air a chur orra; gu fairich iad sàbhailte
agus gu ruig iad mullach an comais. |
B'
iad slatan-tomhais soirbheachaidh:
 |
gu
faireadh sgoilearan agus luchd-obrach ceangal ri
beatha na sgoile agus gum biodh iad dealasach airson
adhartachadh, |
 |
earbsa
fhollaiseach airson cùram spioradail nan
sgoilearan 's an luchd-obrach, |
 |
bu
chòir do thuigse shoilleir agus dùil
chinnteach a bhith ann a thaobh giùlan, beachdan
agus oidhirp, agus |
 |
gun
obraicheadh luchd-obrach agus sgoilearan còmhladh
ann an co-chòrdadh air taobh a-staigh agus
taobh a-muigh a' chlas. |
Tha
sinn a' creidsinn gu bheil sinn a-nis a' ruighinn nan
slatan-tomhais sin, ach tha fios againn nach urrainn
dhuinn a-chaoidh ach a bhith 'a' cumail ceann a' mhaide
ri ar n-obair'.
Frithealadh
agus Ruigsinn
Tha ìre-frithealaidh àrd san sgoil. Sheall
sgrùdadh phàrantan a rinn sinn o chionn
ghoirid gur toigh le ar sgoilearan a bhith a' tighinn
dhan sgoil agus gu bheil cuid dhiubh fiù a' togail
an cridhe ris. Tha sinn air prògraman ùra
Cànain agus Matamataigs a thòiseachdh
tron sgoil air fad agus tha am measadh a rinn sinn gu
ruige seo a' sealltainn gu bheil ruigsinn ag èirigh
gu h-àraidh sna h-Ìrean Tràtha.
Tha sinn mothachail air, agus a' moladh a h-uile gnè
adhartais.
Mar
bhuidhinn-obrach tha sinn a' faireachdainn gu bheil
a h-uile neach agus ar n-eòlas air fad, air cur
ri spiorad agus caractar na sgoile againn. 'S e fear
dhe na rudan as motha a thug cuideachadh - deagh-ghnè
nan ceangal eadar buill coimhearsnachd na sgoile. Tha
sin cuideachd fa-leth is còmhladh dealasach ann
a bhith ag ionnsachadh. Dh'fhaodadh sgoil ùr,
àlainn, air a deagh uidheamachadh innte fhèin
a bhith na h-adhbhar thoileachais, ach tha fios againn
nach eil crìoch air foghlam agus gu bheil gu
leòr fhathast againn ri dhèanamh.
|